Tosgaire Eadar-nàiseanta airson na Gàidhlig a’ cur taic ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar.
International Gaelic Advocate Highlights Gaelic Medium Education in the Western Isles
Comhairle nan Eilean Siar has welcomed new promotional content created by Kaz-Gàidhlig Lover, a Gaelic advocate from South Korea, celebrating Gaelic Medium Education (GME) in the Western Isles.
Kaz, who has developed a strong connection to the Gaelic language and culture, uses her platform to share her enthusiasm for Gaelic learning with an international audience. In her latest content, she speaks positively about the learning opportunities available through Gaelic Medium Education in the Western Isles, as well as the range of support in place for parents and families throughout their child’s educational journey.
Evelyn Coull MacLeod from Comhairle nan Eilean Siar said:
“We are delighted that Kaz has chosen to highlight Gaelic Medium Education in the Western Isles. Her passion for Gaelic and her genuine interest in our communities shines through in this content. It is particularly timely as we look ahead to celebrating forty years of Gaelic Medium Education in 2026, and it reinforces the strength of the opportunities available to families choosing GME.”
Enrolments for Gaelic Medium Education are currently open, and families across the Western Isles are encouraged to consider GME as a rich, nurturing and rewarding educational pathway for their children. Enrolment forms for all stages.
The recent content by Kaz can be viewed on TikTok by searching for Kaz – Gaelic Lover or clicking on this link: https://vm.tiktok.com/ZNRUnXk1C/
Tha Comhairle nan Eilean Siar air fàilte bhlàth a chur air bhidio ùr a chaidh a chruthachadh air na meadhanan sòisealta le Kaz-Gàidhlig Lover, neach-ionnsachaidh Gàidhlig à Coirèa a Deas, a tha a’ brosnachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) sna h-Eileanan Siar.
Tha Kaz, a tha air dlùth cheangal a dhèanamh ri cànan agus cultar na Gàidhlig, a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta gus sealltainn mar a dh’ ionnsaich i Gàidhlig, agus a’ taisbeanadh nan sgilean aice air beulaibh luchd-èisteachd eadar-nàiseanta. San t-susbaint às ùr aice, chìthear i a’ bruidhinn mu dheidhinn nan cothroman ionnsachaidh a tha an cois Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar, agus an taic a tha ann airson pàrantan agus teaghlaichean tron t-slighe ionnsachaidh an cuid chloinne.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid bho Chomhairle nan Eilean Siar:
“Tha sin air ar dòigh glan gu bheil Kaz a’ bruidhinn mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar san dòigh seo. Tha e gu làidir follaiseach gu bheil ùidh mhòr aice anns a’ Ghàidhlig agus nar coimhearsnachdan. Gu fortanach, thathas a’ taisbeanadh na susbainte aice aig àm nuair a tha sinn a’ comharrachadh dà fhichead bliadhna de dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an 2026, agus tha e a’ cur cuideam air cho math ’s a tha na cothroman a tha ann dha teaghlaichean a bhios a’ taghadh FtG airson an cuid chloinne.
Tha clàradh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a-nis fosgailte, agus thathas a’ brosnachadh theaghlaichean air feadh nan Eileanan Siar gus beachdachadh air FtG mar shlighe foghlaim bheairteach, bheathachail agus bhuannachdail dhan chloinn aca.
Foirmichean-clàraidh airson sgoilearan.
Faodar Kaz-Gàidhlig Lover fhaicinn air TikTok le bhith a’ dol chun a’ cheangal seo: https://vm.tiktok.com/ZNRUnXk1C/
