Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Seiseanan ùra Gàidhlig aig Leabharlann Steòrnabhaigh

Seiseanan ùra Gàidhlig aig Leabharlann Steòrnabhaigh

New Gaelic Family Drop-In Sessions Launch at Stornoway Library 

Comhairle nan Eilean Siar’s Adult Learning Team and the Library Service have launched new Gaelic Family Drop-In sessions at Stornoway Library to provide support for Gaelic learners and their families. 

Running every Wednesday from 3–5pm, the sessions are designed to help parents, carers, and children with phonetics, pronunciation, and general homework support. They also offer a welcoming space for families to strengthen their Gaelic together, particularly where Gaelic may not be the language of the home. 

Currently, 58% of Primary 1 pupils in the Western Isles are enrolled in Gaelic Medium Education (GME), with 48% across the primary school sector. These new sessions highlight a commitment to supporting both learners and their families on their Gaelic journey, ensuring that the language is strengthened in school, at home, and in the community. 

Tha Sgioba Ionnsachadh Inbheach Chomhairle nan Eilean Siar agus Seirbheis nan Leabharlann air seiseanan ùra Gàidhlig a chur air bhog aig Leabharlann Steòrnabhaigh gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ’s an teaghlaichean. 

A’ ruith gach Diciadain bho 3–5f, tha na seiseanan ann gus cuideachadh a thoirt do phàrantan, luchd-cùraim agus clann le fuaimneachadh, litreachadh, leughadh agus obair-dachaigh san fharsaingeachd. Bidh an leabharlann na àite tlachdmhor far am faigh teaghlaichean air an cuid Gàidhlig a neartachadh còmhla, gu sònraichte far nach e a’ Ghàidhlig ciad chànan na dachaigh. 

An-dràsta, tha 58% de sgoilearan Clas 1 anns na h-Eileanan Siar clàraichte ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, le 48% air feadh roinn na bun-sgoile gu lèir. Tha na seiseanan ùra seo a’ daingneachadh dealas na Comhairle a thaobh taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh agus an teaghlaichean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cànan air a neartachadh san sgoil, aig an taigh agus sa choimhearsnachd.