Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Dileab 2018

Thòisich Dìleab ann an 2018 a’ coimhead ri ceithir prìomh chuspairean tarsainn nan Eilean. ‘B e na cuspairean: Eilthireachd – Barraigh, Cuimhneachadh a Chiad Chogadh – Uibhist, Aramach agus Poilitigs – Na Hearadh agus Tubaist an Iolaire – Leòdhas. Bha na cuspairean seo air an taghadh airson ceangal eachdraidheal agus a’ bhuaidh a bh’ aig gach suideachadh air na h-Eileanan. Bha ceithir tachartasan air an cumail thar nan Eilean airson na cuspairean seo a thoirt gu làthair agus cuideachd a’ toirt cothruim do sgoilearan an cuid tàlantan ciùil agus cleasachd a thaisbeanadh.

Dìleab began in 2018 looking at four key themes across the islands. The themes included Emigration – Barra, Remembering WW1 – Uist, Protest and Politics – Harris and The Iolaire Disaster – Lewis. These themes were chosen based on an historical link and the effect it had to each island. Four concerts were held across the islands to present these themes while allowing pupils to demonstrate their musical and acting talents.

Dìleab: A’ Cuimhneachadh Tubaist na h-Iolaire

Chaidh seo a chlàradh aig Ionad Spòrs Leòdhais air Dihaoine 14 Dùbhlachd 2018. Chìthear sgoilearan Àrd-sgoil MhicNeacail le taic bhon choimhearsnachd agus còisirean bho air feadh Leòdhas agus na Hearadh agus iad a’ comharrachadh ceud blìadhna on a thachair tubaist na h-Iolaire. Oidhche air leth agus Dìleab phrìseil.

Barrachd

Criomagan bhon chuirm-chiùil.

Dìleab: Cuimhneachadh a Chiad Chogadh

Air Diardaoin 15 Samhain 2018 ghabh cuirm shonraichte àite aig Sgoil Lìonacleit gus pròiseact Dìleab a chomharrachadh. Oidhche air leth le tàlant ann am pailteas.

Dìleab: We Sleep At Peace

Sgoil Bhaile a' Mhanaich le taic bho Willie Caimbeul agus iad a' gabhail 'We Sleep at Peace' air consairt Dhìleab a ghabh àite aig Sgoil Lionacleit air Diardaoin 15 Samhain 2018. Is e Willie a' sgrìobh an t-òran le taic bho na sgoilearan agus tha e stèidhichte air buaidh a' chogaidh air na h-Eileanan, gu h-àraidh Uibhist.