Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Na Britheamhan

Britheamhan an Deasbad 2023

Britheamhan an Deasbad 2023

Britheamhan an Deasbad 2023

Joy Dunlop

Tha Joy Dunlop na preasantair telebhisean is rèidio ainmeil, tha i an sàs ann an raon farsaing de cheòl, cùisean an latha agus prògraman. Tha i ainmeil airson an eòlais fharsaing a th’ aice, tha blàths is dealas Joy air barrachd iarraidh oirre ann an craolaidhean telebhisean is rèidio; bho bhith a’ taisbeanadh na h-aimsire air BBC Scotland & BBC Alba, gu bhith os cionn SpeakGaelic; brannd ionnsachaidh farsaing, a’ tabhann an dòigh-obrach as coileanta a thaobh ionnsachadh na Gàidhlig ann an ginealach. Tha i cuideachd na preasantair air farpais Ceòladair Òg Traidiseanta na Bliadhna air BBC Radio Scotland agus gu tric bidh i a’ toirt aoigheachd don phrògram ciùil ainmeil Travelling Folk.

Tha i cuideachd na seinneadair Gàidhlig a choisinn iomadh duais, tha i air Bonn Òr a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus Bonn Òr an Oban Times a bhuannachadh agus tha grunn chlàran cliùiteach aice. Thug a ceòl i air feadh an t-saoghail; bho phrìomh fhèisean Ceilteach, gu bhith a’ siubhal air feadh na Rìoghachd Aonaichte, na Roinn Eòrpa, Canada, Na Stàitean Aonaichte, Iapan agus Sealainn Nuadh. Bidh i cuideachd a’ stiùireadh Còisir na h-Alba, a’ chiad agus an aon fhear an Alba airson Eurovision, a ghabh pàirt ann an cuairtean deireannach Còisir Eurovision na Bliadhna 2019 ann an Gothenburg, san t-Suain.

Joy Dunlop is popular television & radio presenter, who is involved with a wide range of music, current affairs and light entertainment programmes. With her trademark poise and depth of knowledge, Joy’s warmth and enthusiasm have made her increasing in-demand in television and radio broadcasts alike; from presenting the weather on both BBC Scotland & BBC Alba, to fronting SpeakGaelic; a wide-ranging, multi-faceted learning brand, offering the most comprehensive approach to learning Scottish Gaelic in a generation. She is also the presenter of the BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year competition and often hosts well known music programme Travelling Folk.

She is also a multi-award winning Gaelic singer, winning both the coveted Royal National Mòd Gold Medal and the Oban Times Gold Medal and releasing multiple highly acclaimed albums. Her music has led her all over the world; from major Celtic festivals, to touring the UK, Europe, Canada, USA, Japan and New Zealand. She also conducts the Alba Choir, Scotland’s first and only Eurovision entry, who participated in the 2019 Eurovision Choir of the Year finals in Gothenburg, Sweden.

Angus 'Govig' MacLennan

As dèidh a bhith a’ teagasg Gàidhlig agus Eachdraidh ann an Sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh, airson bliadhnaichean bho 1987 bha Aonghas na Phrìomh Thidsear agus na Iar-Cheannard air Sgoil a’ Bhac mus do thill e gu Sgoil MhicNeacail mar Iar-Cheannard. Ghabh e obair mar Cheannard air e-Sgoil agus Stiùiriche Didseatach (Northern Alliance) san Lùnastal 2016, a’ leigeil dheth a dhreuchd san Lùnastal 2022. Bhon uair sin tha e air a bhith ag obair mar Oifigear Poileasaidh le Comhairle nan Eilean Siar agus mar Neach-taic HMIE le Foghlam Alba.

Bha Aonghas na bhall de bhòrd-stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig agus Stòrlann agus tha e an-dràsta na bhall de bhòrd-stiùiridh Ùghdarras a’ Chlò Hearaich agus Comunn Eachdraidh Sgìre a’ Bhac.

After teaching Gaelic and History in The Nicolson Institute, Stornoway, for several years from 1987 Angus served as Principal Teacher and Depute Head of Sgoil a Bhac before returning to The Nicolson Institute as Depute Rector. He took up the post of Head Teacher of e-Sgoil and Digital Lead (Northern Alliance) in August 2016, retiring in August 2022. Since then he has been working as a Policy Officer with Comhairle nan Eilean Siar and as an Assistant HMIE with Education Scotland.

Angus served as a member of Sabhal Mòr Ostaig and Stòrlann’s management boards and currently sits on the management boards of the Harris Tweed Authority and Comunn Eachdraidh Sgìre a Bhac.

Iain MacAmhlaigh

Le Gàidhlig bho thùs, thogadh Iain ann an Solas, Uibhist a Tuath, agus bho 1997 tha e air a bhith a’ fuireach air a’ Bhac, Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Anna agus tha nighean aige a tha na tidsear tro Mheadhan na Gàidhlig agus mac a tha na neach-obrach sòisealta. Tha ceathrar oghaichean aca.

Às deidh dha ceumnachadh bho Institiud Teicneòlais Raibeart Gòrdan ann an 1981 chuir e seachad 35-bliadhna ag obair ann an Obair Shòisealta, a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Phrìomh Oifigear Obair Shòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar agus Stiùiriche Seirbheisean Sòisealta is Coimhearsnachd ann an 2016.

Bhon a leig e dheth a dhreuchd tha Iain air a bhith sàs ann an grunn bhuidhnean coimhearsnachd gu saor-thoileach, a’ gabhail a-steach Cathraiche Chomunn na Gaidhlig 2016-2023, Iar-chathraiche Iomairt Cùram Aillse nan Eilean Siar agus Urrasair aig Neuro Hebrides. Chaidh Iain a chur san dreuchd mar Mhorair-ionaid a’ Chrùin airson nan h-Eileanan an Iar sa Mhàrt 2022.

Mu dheireadh, tha Iain air a bhith a’ cur gu mòr ri rèidio is telebhisean Gàidhlig bho àm gu àm thar grunn bhliadhnaichean.

A native Gaelic speaker, Iain was brought up in Sollas, North Uist and since 1997 has lived in Back, Isle of Lewis. He is married to Anne and has a daughter who is a Gaelic Medium teacher and a son who is a social worker. They have four grandchildren.

After graduating from Robert Gordon's Institute of Technology in 1981 he enjoyed a 35-year career in Social Work, retiring as Comhairle nan Eilean Siar's Chief Social Work Officer and Director of Social and Community Services in 2016.

Since retiring Iain has been active in a number of voluntary community organisations, including Chair of Comunn na Gaidhlig 2016-2023, Vice-Chair of Western Isles Cancer Care Initiative and a trustee of Neuro Hebrides. Iain was appointed Lord- Lieutenant of the Western Isles in March 2022.

Finally, Iain has been an occasional contributor to Gaelic radio and TV over many years.