Thainig naidheachd dhuilich gu saoghal na Gàidhlig air an t-seachdain a chaidh nuair a chuala sinn gun do chaochail Fiona NicAonghais. Tha mòran air a bhith sgrìobhte air na meadhanan sòisealta anns na làithean a chaidh seachad, ach bha sinn a' faireachdainn gu robh e iomchaidh dhuinne facal a ràdha mu Fiona chòir. Bha Fiona, fad iomadach blìadhna, gu mòr an-sàs leis an Deasbad. Fhuair na sgoiltean anns an robh i ag obair deagh oideachadh ann an sgilean deasbaid agus bha an fharpais a' còrdadh rithe gu mòr. Far am biodh Fiona, bhiodh àbhachdas agus spòrs ann am pailteas! Nuair a bhiodh a' chomataidh a' sireadh bheachdan air mar a chaidh an fharpais, gu cinnteach is ann bho Fiona a bhiodh a' chiad post-dealain a tighinn! Tha ionndrainn mhòr gu bhith air Fiona ann an saoghal na Gàidhlig, agus gu h-àraidh foghlam sa Ghàidhlig. Tha sinn gu sònraichte a' smaoineachadh air Siobhan agus an teaghlach air fad agus iomadach caraid thall sa bhos.