Fàilte gu làrach-lìn Deasbaid Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean
Tha Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean ag amas air sgilean conaltraidh òigridh a’ leasachadh
tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ brosnachadh ceangalan eadar sgoilearan bho air feadh Alba.
Mealaibh ur naidheachd Àrd-sgoil Phort Rìgh a shoirbhich aig Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2024!
Deasbad 2025 - A' Chuairt Dheireannach
Deasbad 2025 - Iar Chuuairt Dheireannach
Air na Meadhanan Sòisealta
Welcome to the National Gàidhlig Debate Competition
The main aim of the National Gàidhlig Debate Competition is to encourage the development of pupils communications skills through the medium of Gàidhlig and encouraging connections between pupils all over Scotland. This year the heats will take place in Stornoway on the 4th and 5th of November.
The four teams with the highest points will make it through to the semi-finals in Edinburgh and the final rounds will take place on the 27th and 28th of November.
The excitement is building as the 2025 Gaelic Schools’ Debate Competition returns to An Lanntair, Stornoway, on Tuesday the 4th and Wednesday 5th November 2025. The public are warmly invited to attend and support the next generation of Gaelic speakers as they demonstrate their linguistic skill, confidence, and critical thinking in this year’s competition.
Now in its 26th year, the debate brings together talented young speakers from 18 secondary schools across Scotland, competing for the prestigious national title. Over two days, pupils will debate a range of topical and thought-provoking motions in front of a live audience and an esteemed judging panel. The four teams with the highest points from the two days of debating will progress to the final stages which will take place in Edinburgh on the 26th and 27th of November.
This year’s panel features three new judges from the world of Gaelic language and culture. Donald ‘Ryno’ Morrison, Catriona Mackinnon and Roddy Angus Munro. Donald currently works as Chief Executive of the Gaelic education resource agency, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig. The opportunity to participate in the inspirational, youth centred, Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean, is an honour for Donald. Catriona MacKinnon has worked in broadcast media for over 20 years. She now produces the BBC Scotland news programme Reporting Scotland. Gaelic has always been an important part of her life and she is delighted to be part of the judging panel this year. Roddy Angus Munro has been in broadcasting for almost thirty years. Educated at Sgoil an Tarbeirt, Aberdeen University and Castle College, Roddy is thrilled to be joining this panel of fantastic judges.
The first round will take place in An Lanntair at 1230 on Tuesday 4th November. The order of debates for the two days are as follows:
- Àrd-sgoil MhicNeacail V Sgoil Ghràmair Dhùn Omhainn - Cha b’ urrainn na b’ fheàrr na bhith ainmeil. (There is nothing better than being famous.)
- Sgoil Sir E Scott V Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu - Tha teicneòlas a’ milleadh ar comas air còmhradh ri chèile. (Technology is ruining our ability to speak to each other.)
- Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig V Acadamaidh Hazelhead - Tha làithean-saora na Nollaige nas fheàrr na làithean-saora an t-Samhraidh. (Christmas holidays are better than summer holidays.)
- Sgoil Lìonacleit V Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich - Tha luchd-teagaisg air smachd a chall air an rùm-sgoile. (Teachers have lost control of the classroom.)
- Àrd-sgoil an Òbain V Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa - Chan eil feum sam bith air leabharlann sa là a th’ ann. (There is no need for libraries in this day and age.)
- Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil V Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig - Tha barrachd saorsa aig deugaire às a bhaile mhòr na tha aig deugaire air an dùthaich. (Teenagers have more freedom in cities than in rural areas.)
- Àrd-sgoil Greenfaulds V Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis - Tha rannsachadh fànais na sgrios airgid. (Space Exploration is a waste of money.)
- Àrd-sgoil Phort Rìgh V Àrd-sgoil Gheàrrloch - Bu chòir dha a bhith comasach dha sgoilearan air S5 / S6 a bhith ag obair bhon taigh. (S5/S6 pupils should be allowed to work from home.)
- Àrd-sgoil Àird nam Murchan V Acadmaidh Inbhir Pheofharain - Tha seirbheis nàiseanta do dhaoine òga aca ann an dùthchannan eile, tha còir dha seo a bhith againn ann an Alba. (Other countries have national service, Scotland should have the same.)
The second round will see all teams debating the same topic on Wednesday 5th from 1030: Tha misneachd nas cudromaiche na foghlam san là a th’ ann. (Confidence is of more use than education in this day and age.)
- Sgoil Ghràmair Dhùn Omhainn V Àrd-sgoil Port Rìgh
- Àrd-sgoil Gheàrrloch V Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
- Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu V Àrd-sgoil Àird nam Murchan
- Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich V Àrd-sgoil Greenfaulds
- Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis V Àrd-sgoil an Òbain
- Acadmaidh Inbhir Pheofharain V Àrd-sgoil MhicNeacail
- Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa V Sgoil Sir E Scott
- Acadamaidh Hazelhead V Sgoil Lìonacleit
- Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig V Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig
Organisers wish to express heartfelt thanks to the event’s sponsors and partners, whose continued support makes this staging this annual event possible. Their commitment ensures that young people have opportunities to showcase their talents and use Gaelic with pride and purpose on a national stage. Sponsors for 2025 are Spiorad na Mara, The Scottish Government, Comhairle nan Eilean Siar, SQA, Highland Council, Skills Development Scotland, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, BBC Gaelic Broadcasting, Glasgow City Council and Bòrd na Gàidhlig.
For more information contact us via email: deasbad@gmail.com
Tha Farpais Deasbaid nan Àrd-Sgoiltean Gàidhlig 2025 a’ tilleadh chun An Lanntair, Steòrnabhagh, air Dimàirt an 4mh agus Diciadain an 5mh Samhain 2025. Tha fàilte chridheil air a’ phoball a bhith an làthair agus taic a thoirt don ath ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig agus iad a’ taisbeanadh an cuid sgilean cànain, am misneachd agus an smaoineachadh breithneachail ann am farpais na bliadhna seo.
A-nis san 26mh bliadhna, tha an deasbad a’ toirt còmhla luchd-labhairt òga tàlantach bho 18 àrd-sgoiltean air feadh Alba, a’ farpais airson an tiotal nàiseanta cliùiteach. Thar dà latha, bidh sgoilearan a’ deasbad raon de ghluasadan cuspaireil agus brosnachail air beulaibh luchd-èisteachd beò agus pannal breithneachaidh cliùiteach. Thèid na ceithir sgiobaidhean leis na puingean as àirde bhon dà latha de dheasbad air adhart chun na h-ìrean deireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air an 26mh agus 27mh den t-Samhain.
Tha triùir britheamhan ùra bho shaoghal na Gàidhlig air pannal na bliadhna seo. Dòmhnall ‘Ryno’ Moireasdan, Catrìona NicFhionghain agus Ruairidh Aonghas Rothach. Tha Dòmhnall an-dràsta ag obair mar Cheannard air Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, buidheann ghoireasan foghlaim na Gàidhlig. ’S e urram dha Dòmhnall an cothrom a bhith an sàs ann an Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean, tachartas brosnachail is òigridh. Tha Catrìona NicFhionghain air a bhith ag obair anns na meadhanan craolaidh airson còrr is 20 bliadhna. Tha i a-nis ag obair air prògram naidheachdan BBC Scotland, Reporting Scotland. Tha a’ Ghàidhlig air a bhith na pàirt chudromach de a beatha agus tha i air leth toilichte a bhith na pàirt den phannal bhreithneachaidh am-bliadhna. Tha Ruairidh Aonghas Rothach air a bhith ann an craoladh airson faisg air trithead bliadhna S’e Hearach a th’ann a fhuair a chuid foghlam aig Sgoil an Tairbeart, Oilthigh Obar Dheathainn agus Colaisde a Chaisteal agus tha e air leth toilichte a bhith còmhla ris a’ phannal seo de bhreithimh mìorbhaileach.
Thèid a’ chiad chuairt a chumail ann an Lanntair aig 1230 air Dimàirt 4mh den t-Samhain. Seo òrdugh nan deasbadan airson an dà latha:
Àrd-sgoil MhicNeacail V Sgoil Ghràmair Dhùn Omhainn
Cha b’ urrainn na b’ fheàrr na bhith ainmeil.
Sgoil Sir E Scott V Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Tha teicneòlas a’ milleadh ar comas air còmhradh ri chèile.
Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig V Acadamaidh Hazlehead
Tha làithean-saora na Nollaige nas fheàrr na làithean-saora an t-Samhraidh.
Sgoil Lìonacleit V Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
Tha luchd-teagaisg air smachd a chall air an rùm-sgoile.
Àrd-sgoil an Òbain V Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
Chan eil feum sam bith air leabharlann sa là a th’ ann.
Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil V Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig
Tha barrachd saorsa aig deugaire às a bhaile mhòr na tha aig deugaire air an dùthaich.
Àrd-sgoil Greenfaulds V Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
Tha rannsachadh fànais na sgrios airgid.
Àrd-sgoil Phort Rìgh V Àrd-sgoil Gheàrrloch
Bu chòir dha a bhith comasach dha sgoilearan air S5 / S6 a bhith ag obair bhon taigh.
Àrd-sgoil Àird nam Murchan V Acadmaidh Inbhir Pheofharain
Tha seirbheis nàiseanta do dhaoine òga aca ann an dùthchannan eile, tha còir dha seo a bhith againn ann an Alba.
Anns an dàrna cuairt bidh a h-uile sgioba a’ deasbad air an aon chuspair air Diciadain 5mh bho 1030:
Tha misneachd nas cudromaiche na foghlam san là a th’ ann.
Sgoil Ghràmair Dhùn Omhainn V Àrd-sgoil Phort Rìgh
Àrd-sgoil Gheàrrloch V Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu V Àrd-sgoil Àird nam Murchan
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich V Àrd-sgoil Greenfaulds
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis V Àrd-sgoil an Òbain
Acadmaidh Inbhir Pheofharain V Àrd-sgoil MhicNeacail
Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa V Sgoil Sir E Scott
Acadamaidh Hazelhead V Sgoil Lìonacleit
Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig V Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig
Tha sgioba an Deasbaid airson taing mhòr a thoirt do luchd-urrais agus com-pàirtichean an tachartais, agus an taic leantainneach aca a’ ciallachadh gu bheil an tachartas bhliadhnail seo comasach. Tha an dealas aca a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman aig daoine òga an tàlantan a thaisbeanadh agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh le pròis agus adhbhar aig ìre nàiseanta. ’S iad Spiorad na Mara, The Scottish Government, Comhairle nan Eilean Siar, SQA, Highland Council, Skills Development Scotland, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, BBC Gaelic Broadcasting, Glasgow City Council and Bòrd na Gàidhlig.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu:
Evelyn Coull Macleod
deasbad@gmail.com
Deasbad 2025 - Ceilidh
Bhideo ùr bho Chomataidh an Deasbaid airson 2025!
Tha Comataidh an Deasbaid air bhideo ùr fhoillseachadh gus taic a chumail ri luchd-farpais 2025! Tha ar caraidean aig BBC Naidheachdan a' meòrachadh air na sgilean a tha a dhìth ann an Deasbad.
Deasbad 2024 - A' Chuairt Dheireannach agus Iar Chuairt Dheireannach
Àrd-sgoil Phort Rìgh - Deasbad 2024
Gailearaidh Bhuannaichean
Sir E Scott a bhuannaich farpais 2023 le britheamhan Aonghas Mac'Illinnein, Joy Dunlop agus Iain MacAmhlaigh
